Μορφή αναζήτησης

Àireamh 18

1Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Giùlainidh tusa agus do mhic, agus taigh d’athar maille riut, euceart an ionaid naoimh; agus giùlainidh tusa agus do mhic maille riut euceart ur sagartachd.

2Agus do bhràithrean mar an ceudna de threubh Lèbhi, treubh d’athar, bheir thu leat maille riut, a‑chum is gun ceanglar riut iad, agus gum fritheil iad dhut: ach frithealaidh tusa agus do mhic maille riut air beulaibh pàillean na Fianais.

3Agus gleidhidh iad do chùram-sa, agus cùram a’ phàillein uile: a‑mhàin cha tig iad am fagas do shoithichean an ionaid naoimh agus don altair, a‑chum is nach faigh aon chuid iadsan no sibhse bàs.

4Agus ceanglar riut iad, agus gleidhidh iad cùram pàillean a’ choitheanail, airson uile sheirbhis a’ phàillein: agus cha tig coigreach am fagas dhuibh.

5Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid naoimh, agus cùram na h‑altarach; a‑chum is nach bi fearg nas mò air cloinn Israeil.

6Agus mise, feuch, thug mi ur bràithrean na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil: dhuibhse thugadh iad mar thabhartas don Tighearna, a dhèanamh seirbhis pàillean a choitheanail.

7Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.

8Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Feuch, thug mi dhut mar an ceudna cùram mo thabhartas-togte, de uile nithean coisrigte chloinn Israeil; dhutsa thug mi iad, airson an ungaidh, agus dod mhic le reachd sìorraidh.

9Bidh seo leatsa de na nithean ro‑naomha, a ghleidheadh on teine: gach tabhartas leòsan, gach tabhartas-bìdh leo, agus gach ìobairt-pheacaidh leo, agus gach ìobairt-easaontais leo, a bheir iad dhòmhsa, bidh e ro‑naomh dhutsa, agus dod mhic.

10Anns an ionad ro‑naomh ithidh tu e, ithidh gach fireannach e: bidh e naomh dhutsa.

11Agus is leat seo; tabhartas-togte an tabhartais, maille ri uile thabhartasan-luaisgte chloinn Israeil: thug mi dhutsa iad, agus dod mhic, agus dod nigheanan maille riut, le reachd sìorraidh: gach neach a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth.

12A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad-thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut.

13Gach nì as luaithe a bhios abaich nam fearann, a bheir iad a‑chum an Tighearna, bidh e leatsa; gach aon a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth.

14Gach nì a choisrigear ann an Israeil, bidh e leatsa.

15Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù de gach feòil, a bheir iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, mas ann de dhuine, no de ainmhidh, bidh e leatsa: gidheadh gu cinnteach fuasglaidh tu ciad-ghin duine, agus ciad-ghin an ainmhidh neòghlain fuasglaidh tu.

16Agus iadsan a dh’fhuasglar, o mhìos a dh’aois fuasglaidh tu iad, a rèir do mheas, airson airgead chòig seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: is e an secel fichead gerah.

17Ach ciad-ghin boin, no ciad-ghin caorach, no ciad-ghin goibhre, chan fhuasgail thu; tha iad naomh: crathaidh tu am fuil air an altair, agus loisgidh tu an saill mar thabhartas a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.

18Agus bidh am feòil leatsa, mar a bhios an t‑uchd luaisgte agus an slinnean deas leat.

19Uile thabhartasan-togte nan nithean naomha, a bheir clann Israeil seachad don Tighearna, thug mi dhutsa, agus dod mhic, agus dod nigheanan maille riut, le reachd sìorraidh: is coicheangal salainn e gu bràth an làthair an Tighearna, dhutsa agus dod shliochd maille riut.

20Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Nam fearann cha bhi oighreachd agad, cha mhò a bhios roinn agad nam measg: is mise do roinn-sa agus d’oighreachd am measg chloinn Israeil.

21Agus, feuch, do chloinn Lèbhi thug mi an deicheamh uile ann an Israel mar oighreachd, airson an seirbhis a nì iad, eadhon seirbhis pàillean a’ choitheanail.

22Agus chan fhaod clann Israeil o seo suas teachd am fagas do phàillean a’ choitheanail, air eagal gun giùlain iad peacadh, agus gum faigh iad bàs.

23Ach nì na Lèbhithich seirbhis pàillean a’ choitheanail, agus giùlainidh iad an cionta: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean, nach bi oighreachd sam bith aca am measg chloinn Israeil.

24Ach deicheamh chloinn Israeil a bheir iad seachad mar thabhartas-togte don Tighearna, thug mi do na Lèbhithich mar oighreachd: uime sin thubhairt mi riu, Am measg chloinn Israeil cha bhi oighreachd aca.

25Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

26Mar seo labhair ris na Lèbhithich, agus abair riu, Nuair a thogas sibh o chloinn Israeil an deicheamh a thug mise dhuibh uapa mar ur n‑oighreachd, an sin bheir sibh suas tabhartas-togte dheth don Tighearna, eadhon an deicheamh cuid den deicheamh.

27Agus measar an tabhartas-togte seo dhuibh, mar gum b’e arbhar an ùrlair-bhualaidh, agus mar làine amar-bruthaidh an fhìona.

28Mar seo mar an ceudna bheir sibh seachad tabhartas-togte don Tighearna, de ur n‑uile dheicheamh a thogas sibh o chloinn Israeil; agus bheir sibh dheth tabhartas-togte an Tighearna do Aaron an sagart.

29As ur n‑uile thìodhlacan, bheir sibh seachad uile thabhartas-togte an Tighearna den chuid as fheàrr dheth uile, eadhon a’ chuid sin dheth a tha coisrigte.

30Uime sin their thu riu, Nuair a thogas sibh suas uaithe a’ chuid as fheàrr dheth, an sin measar e do na Lèbhithich mar thoradh an ùrlair-bhualaidh, agus mar thoradh amar-bruthaidh an fhìona.

31Agus ithidh sibh e anns gach àite, sibh fhèin agus ur teaghlaichean: oir is e ur duais airson ur seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail.

32Agus cha ghiùlain sibh peacadh sam bith air a shon, nuair a thogas sibh suas as a’ chuid as fheàrr dheth: cha mhò a thruailleas sibh nithean naomha chloinn Israeil, air eagal gum faigh sibh bàs.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index